Jump to content

A' Mhanachainn

O Uicipeid
A' Mhanachainn

Priòireachd anns a' Mhanachainn
Suidheachadh
A' Mhanachainn is located in Alba
A' Mhanachainn
A' Mhanachainn (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 29′ 5″ T
4° 27′ 43″ I
Comharradh-clèithe NH525465
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,365 (2011)
Àireamh fòn 01463
Còd-puist IV4

'S e baile faisg air Inbhir Nis a th' anns a' Mhanachainn.[1][2] 'S e Beauly an t-ainm Beurla a th' air, ainm a thàinig bho Fhraingis Beau Lieu is a' ciallachadh "àite àlainn" ann an Gàidhlig.[3]. Canar Am Beul Atha sa Ghàidhlig cuideachd.

Bha manaich a' fuireach ann anns an t-seann aimsir agus 's ann air sgàth sin gur e a' Mhanachainn ainm a' bhaile.

B' e Manachainn Mhic Shimidh an t-ainm làn a bha air a' bhaile, agus thugadh ainm Manachainn nan Lios air cuideachd.[4]

Tha sgioba iomain math, a' Mhanachainn, aig a' bhaile agus tha nàimhdeas blàth eadar a' Mhanachainn agus Lobhat. Bidh an geama eatarra aig a' Bhliadhn' Ùir a' tarraing faisg air mìle duine.

Tha an fhéis fìdhleireachd Blazin' in Beauly a' gabhail àite sa bhaile gach bliadhna bho na thòisich i ann an 2001.

Tha stèisean rèile aig a' bhaile. Tha meadhan a' bhaile, eadar High Street agus Riverside Road, na raoin-ghlèidhteachais[5].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Stòrlann Nàiseanta na h-Alba. 2007. Mapa-balla Alba: Liosta de dh'ainmean-àite. Pdf aig Foghlam Alba
  2. Beauly - A' Mhanachainn - Inverness area, Highland”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2017.
  3. Ross, David (2001): “Beauly”, Scottish place-names. Dùn Eideann: Birlinn, td. 27. ISBN 1-84158-173-9. 
  4. Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 18. Air a thogail 7mh dhen Ògmhios 2017.
  5. Beauly Village Square(Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: